dictionaryportal.eu

Mu dheidhinn

Tha faclairean air leth cudromach ann an saoghal eadar-nàiseanta, ioma-cànanach an latha an-diugh. Tha Portal nam Faclairean Eòrpach ann airson do chuideachadh agus airson faclairean lìn math earbsach na h-Eòrpa a lorg, co-dhiù is e sgoilear, eadar-theangaire, tidsear cànain no cuideigin le dealas airson chànanan a th' annad. Chaidh gach faclair an seo a thaghadh le luchd-gleidhidh Lìonra Eòrpach Faclaireachd-lìn aig a bheil sàr eòlas air faclaireachd agus a bhios a' cumail ri prionnsapalan stèidhichte nuair a nithear co-dhùnadh air na faclairean a bhithear a' cleachdadh.

A bheil faclair nach eil ann a bu chòir a bhith ann? Innis dhuinn mu dheidhinn! Thèid am moladh agad a sgrùdadh le neach-gleidhidh agus, ma thathar ga mheas freagarrach, thèid a chur an lùib nam faclairean eile ann am Portal nam Faclairean Eòrpach. Thèid iarraidh air an neach leis a bheil an làrach-lìn an suaicheantas againn a chur air an làraich.